Inbhir Nis ceum nas fhaisge air tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair

Clì gu deas: Sophie Boyne, Alice Prentice, Mìcheal Lewis, Lily Kelman agus Emma Racionzer
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt Inbhir Nis airson inbhe Chathair-Bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte an 2029 fhaighinn air ceum air adhart a ghabhail.
Chaidh Beò! 2029, tagradh a tha a' toirt a-steach prìomh-bhaile na Gàidhealtachd agus na sgìre air fad, a chur a-steach gu foirmeil gu Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs Diluain.
'S e an aon tagradh an Alba agus a' chiad turas an eachraidh na co-fharpais a tha an dà chuid baile agus sgìre nas fharsainge a' feuchainn air an tiotal.
Inbhir Nis san rèis airson tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt
Dh'fhailich air oidhirp Steòrnabhaigh cur airson inbhe Bhaile Chultarail
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar
Chaidh daoine òga, eadar aois 14 agus 24, a thaghadh airson taic a chumail ris an tagradh.
Tha iad uile air cliù a chosnadh ann an diofar roinnean cultarail, sna h-ealain agus spòrs.
Thuirt Bryan Beattie, Stiùiriche Tagradh Beò! 2029: "Tha sinn ag amas air spiorad an dealais agus na misneachd aca a riochdachadh san tagradh a chuir sinn a-steach.
"'S e fear de na rudan as mìorbhailiche mu na beagan mhìosan a dh'fhalbh a bhith a' faighinn a-mach mu na h-uimhir de rudan sa bheil daoine, gu h-àraidh òigridh, an sàs air feadh na Gàidhealtachd - ann an ceòl, spòrs, Gàidhlig agus an àrainneachd."

Clì gu deas: Bryan Beattie, Sophie Boyne, Alice Prentice, Leah McBainm Mìcheal Lewis, Lily Kelman, Emma Racionzer agus Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban
Tha tagradh Beò! 2029 a' mìneachadh cho cudromach 's a tha cultar a thaobh a bhith a' cruthachadh choimhearsnachdan seasmhach sa bhaile, air an tuath agus anns na h-eileanan.
Thuirt Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban: "Bhiodh inbhe Chathair-bhaile a' Chultair gar cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ris na dùbhlain an cois teachd a-steach agus iomallachd, agus dhèanadh e cinnteach gum faigheadh a h-uile duine san sgìre buannachd à in-ionmhas chultarail."
Bidh tagradh Inbhir Nis-Gàidhealtachd a' farpais ri Blackpool, Ipswich, Middlesbrough, Milton Keynes, Portsmouth, Sheffield, Swindon agus Wrexham airson an tiotail.
Thèid gearr-liosta air am bi suas ri ceithir bailtean ainmeachadh san Dàmhair.