Maoineachadh £3m ga foillseachadh do phròiseactan eileanach

AirgeadTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Gheibh ionad-dualchais Ceann na h-Àirigh ann an Griomasaigh £600,000 mar phàirt de mhaoineachadh £3m a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba do dh'eileanan na dùthcha.

Chaidh am maoineachadh, a tha mar phàirt de Phlana Nàiseanta nan Eilean, fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, 's e a' tadhal air Griomasaigh Dimàirt.

Bheir a' mhaoin gu lèir, eadar na diofar thabhartasan, taic do raointean taigheadais, cùram-slàinte agus còmhdhail, a bharrachd air a bhith a' cur an aghaidh crìonadh an t-sluaigh.

Tha 13 pròiseactan, eadar 12 eilean, a' faighinn taic, eadar Earra-Ghàidheal, a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Am measg nam pròiseactan a tha a' faighinn taic bhon mhaoin tha:

  • £393,000 'son dà sheann togalach Gaeltec san Eilean Sgitheanach a sgeadachadh mar hubaichean ioma-chleachdaidh coimhearsnachd.

  • £302,949 do stèidheachdh ionad-bheata làn-ùine ann na Tiriodh.

  • £355,112 airson rathad a leasachadh ann an Eilean Rùim

  • £76,000 airson àite-fuirich do luchd-cùmhnant ann an Eilean Chanaigh

  • £272,506 ga thoirt do phròiseact airson taigheadas air prìs reusanta a thogail aig Achadh na Croise ann an Lios Mòr.

  • £345,500 do Hub Iomairt na Mara aig Bun Dòbhrain ann am Muile

Cothroman

"Tha na h-uiread de chothroman an lùib nan coimhearsnachdan eileanach againn, agus cumaidh am maoineachadh seo taic riutha le bhith a' ruigsinn àrd-amasan a tha stèidhichte air prìomhachasan ionadail, agus le bhith a' neartachadh seasmhachd is soirbheachas nan àitichean seo san ùine fhada," thuirt Mgr Swinney.

"Eadar a bhith a' lìbhrigeadh bun-structair riatanaich agus a' toirt chothroman do ghnìomhachasan beaga, bidh na pròiseactan seo a' cumail taic ri cosnadh, a' cruthachadh teachd a-steach, agus a' leasachadh maith nan coimhearsnachdan againn.

"Tha Riaghaltas na h-Alba dìcheallach eileanan a dhèanamh nan àitichean fiù 's nas tarraingiche do dhaoine a tha airson fuireach, obair agus teaghlach a thogail ann.

"Bidh seo a' glèidheadh an t-sluaigh agus nam beò-shlaintean a dh'fheumas coimhearsnachdan eileanach airson àm ri teachd seasmhach a thogail," thuirt e.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun cuireadh an t-airgead a tha Ionad Dualchais Ghriomasaigh a' faighinn ri "farsainneachd nas motha de dh'iomairtean" a lìbhrigeadh a chùm maith na coimhearsnachd.

Tha an t-airgead seo fa leth bhon £3m a chaidh fhoillseachadh Diluain airson gnothachasan eileanach air an tug buaireadh nan aiseagan buaidh mar phàirt de phrògram taice o Riaghaltas na h-Alba.

Ach tha na Làbaraich air càineadh a dhèanamh air an Riaghaltas, 's iad ag ràdh gur e gealltanas briste a tha seo às dèidh mar a gheall Iain Swinney ann an iomairt taghadh Holyrood gun stèidhicheadh riaghaltas ùr SNP maoin £10m airson seasmhachd eileanaich.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach e seo ach a' chiad chuid den airgead agus gun tig an còrr tron theirm pàrlamaid seo agus ron ath-thaghadh.