Spòrs

Latest updates

  1. Borthwick moiteil is Bàideanach air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh a-rithistair fhoillseachadh aig 10:00 TSB 7 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An dà thadhal mu dheireadh a bhuannaich Cupa Valerie Fhriseil do Bhàideanach

    Thuirt sgiobair Bhàideanach gun robh i air leth moiteil às an sgioba às dèidh dhaibh tighinn air ais an aghaidh Cheann Loch Seile gus Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh.

    Chrìochnaich an geama 5-3 às dèidh ùine a bharrachd is Ceann Loch Seile air a bhith air thoiseach 2-0 agus 3-2 tron fheasgar.

    Rinn na Seilich fìor oidhirp is iad a' cluich sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad uair.

    Bha iad air a dhol air thoiseach tro Lexie NicCoinnich is thàinig dàrna tadhal san dàrna leth bho Alaina NicIllinnein gus an cur ann an suidheachadh làidir.

    Dìreach nuair a bha coltas ann gun robh buaidh eachdraidheil gu bhith ann, thàinig Bàideanach air ais gu làidir le dà thadhal gu sgiobalta às dèidh a chèile.

    Cò eile ach Kirsty Deans a chuir iad - ged a bhios Ceann Loch Seile a' faireachdainn gun robh còir aca a bhith air an dà thadhal a stad.

    Dh'fhaodadh Ceann Loch Seile a bhith air an geama a bhuannachadh fhathast anns na diogan mu dheireadh mus deach iad gu ùine a bharrachd, is 's iad an uairsin a chaidh air thoiseach san 20 mionaid a bharrachd tro Lorna NicRath.

    Ghabh Bàideanach smachd làidir air gnothaichean an uairsin ge-tà - trì tadhail aca ann an seachd mionaidean bho Hope Borthwick (2) is Lexi Farquhar a' dèanamh cinnteach gun cumadh iad an cupa.

    "Geama gu math doirbh a bh' ann agus a bhith air dheireadh, tha mi cho moiteil às an sgioba", thuirt Rachel Borthwick às dèidh làimh.

    "Bha sinn sgìth ach bha doimheachd san sguad leis na cluicheadairean a thàinig air is rinn iad diofar".

    'S i Betty NicGriogair eadar na puist do Bhàideanach a bhuannaich duais Sàr-Chluicheadair an là.

    'S e seusan air leth is eachdraidheil a tha air a bhith ann do Bhàideanach is iad air na trì duaisean mòra ann an iomain nam ban a bhuannachadh - a' Phrìomh Lìog is Cupa Valerie Fhriseil a thuilleadh air Cupa ùr na Prìomh Lìge.

    Ged a bha briseadh-dùil ann do Cheann Loch Seile air a' cheann thall, faodaidh iad fhèin a bhith gu math moiteil à seusan nuair a tha iad air adhartas mòr a dhèanamh.

    Thuirt iad ron gheama Disathairne gun robh iad den bheachd gun robh a' bheàrn eadar iad fhèin is Bàideanach a' dùnadh is sheall iad sa gheama mhòr gun robh iad ceart.

    Ma chumas iad orra tha a h-uile coltas ann gum bi iad air ais a' farpais airson nan duaisean mòra anns na bliadhnaichean ri thighinn.

    Bha tadhail gu lèor ann an cuairt dheireannach a' Chupa Dhùbhlain Disathairne is Dùn Ad a' buannachadh 7-6 an aghaidh Obar Dobhair.

    Bha sgioba Fhìobha air a bhith air thoiseach 6-4 le dìreach mionaidean air fhàgail ach thàinig Dùn Ad air ais gus an cupa a bhuannachadh is Eilidh Chamshron a' crìochnachadh le ceithir tadhail.

  2. Cupa Jock Stein leis An Taobh Siarair fhoillseachadh aig 09:16 TSB 7 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail bho chuairt dheireannach Chupa Jock Stein. Dealbhan bho Island Footie

    Às dèidh seusan lìge a tha air a bhith na bhriseadh-dùil dhaibh bha togail mòr ann dhan Taobh Siar air an deireadh-sheachdain nuair a bhuannaich iad Cupa Jock Stein.

    Thòisich na Siaraich an geama an aghidh An Rubha le brag is Ailig John Moireasdan gan cur air thoiseach sa chiad mhionaid.

    Bha an dàrna tadhal aca is gun deich mionaidean air an cluich - an turas seo bho Ross Dòmhnallach - is 's e 2-0 a bh' ann aig leathach slighe.

    Bha dòchas ann dha na Rubhaich le breab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn is cha mhòr uair a thìde air a' ghleoc, ach fhreagair An Taobh Siar gu sgiobalta tro Neil Mac na Ceàrdaich.

    Chrìochnaich e 3-1 is an duais a' dol dha na Siaraich.

    Bidh aire a-nise air an lìog is am blàr aig a' mhullach eadar An Rubha is Aths.

    Tha a h-uile coltas ann gum bi seo a' crochadh air geama eile eadar An Rubha is An Taobh Siar Disathairne seo tighinn, aig an aon àm 's a bhios Aths a' cluich an aghaidh sgioba nan Loch.

    Ron sin cluichidh An Rubha an aghaidh nan Loch oidhche Chiadain.

    Làmh an uachdair aig na Barraich

    Tha Lìog Uibhist is Bharraigh cuideachd a' crochadh air geama mòr Disathairne seo tighinn às dèidh do Bharraigh an gnothach a dhèanamh air Uibhist a Tuath air an deireadh-sheachdain.

    Bha cothrom aig na Tuathaich an tiotal a thogail le trì puingean ann am Bàgh a' Chaisteil ach 's iad Barraigh a chaidh air thoiseach tro AJ MacNeacail.

    Ged a fhreagair Ben Shepherd do dh'Uibhist a Tuath, fhuair Ryan MacNeacail an tadhal a bhuannaich an geama 2-1 do Bharraigh is a chuir iad ann an suidheachadh làidir aig mullach na lìge.

    Feumaidh na Barraich a-nise puing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh Èirisgeigh Disathairne gus an lìog a bhuannachadh.

    Ma nì Èirisgeigh a' chùis ge-tà, bidh play-off ann eadar Barraigh is Uibhist a Tuath.

    Cha robh geamaichean ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain ach bha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' cluich an aghaidh Bon Accord City FC ann an Cupa na h-Alba.

    Chrìochnaich an geama sin 2-2 - an dà thadhal aig an Iar-Thuath a' tighinn bho Gus Dòmhnallach - is feumaidh na sgiobaidhean mar sin cluich a-rithist ann an Obar Dheathain.

  3. Cò gheibh an làmhan air Cupa Valerie Fhriseil?air fhoillseachadh aig 17:17 TSB 4 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  4. Oidhche mhath eile aig na Hearaichair fhoillseachadh aig 08:31 TSB 3 An t-Sultain

    Bha fìor dheagh oidhche a-rithist aig Na Hearadh Diciadain is iad air a' chùis a dhèanamh 5-2 air An Taobh Siar air an Tairbeart.

    B' e seo an treas geama aig na Hearaich ann an dìreach seachd là is iad air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh Disathairne is an uairsin air Aths a chumail aig 1-1 san lìog oidhche Luain.

    'S iad An Taobh Siar a bha air thoiseach 1-0 aig leathach slighe oidhche Chiadain, is chaidh na Siaraich air thoiseach a-rithist 2-1 san dàrna leth às dèidh dha na Hearadh tadhal fhaighinn air ais.

    Ghabh Na Hearadh smachd làidir air gnothaichean bho sin a-mach is iad air ceithir tadhail a chur gus buannachadh 5-2.

    Tha aona gheama air fhàgail aig Na Hearadh - seo an aghaidh Chàrlabhaigh - is bidh iad cinnteach air crìochnachadh san treas àite ma nì iad a' chùis sa gheama sin.

    Sa gheama eile oidhche Chiadain chrìochnaich United is Nis co-ionnan 1-1.

    Cha b' urrainn dha na Lochan sgioba fhaighinn airson cluich an aghaidh A' Bhac is chaidh na puingean a thoirt dha na Bacaich.

  5. Uibhist a Tuath aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 08:42 TSB 2 An t-Sultain

    Ball air pàirc ball-coise

    Chaidh Uibhist a Tuath gu mullach Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis air Beinn na Faoghla 4-0.

    Thàinig tadhail Uibhist a Tuath bho Kieran MacÌosaig (2), Ben Shepherd is Alex Troughton.

    Tha seo cuideachd air cur às dhan chothrom a bh' aig Beinn na Faoghla air an tiotal is an rèis a-nise eadar Uibhist a Tuath is Barraigh a-mhàin.

    Tha Uibhist a Tuath trì puingean air thoiseach air Barraigh is aon gheama air fhàgail aca - sin an aghaidh nam Barrach fhèin ann am Bàgh a' Chaisteil Disathairne.

    Gheibh Uibhist a Tuath an tiotal ma nì iad a' chùis.

    Mura dèan, bidh an gnothach ann an làmhan Bharraigh is aona gheama eile acasan ri thighinn Disathairne an 12na den t-Sultain an aghaidh Èirisgeigh.

    Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd chrìochnaich Caol Àcain sa cheathramh àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Loch Aillse 3-2 oidhche Mhàirt.

    Chan eil ach aona gheama lìge air fhàgail - sin eadar Malaig is Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich Disathairne an 12na den t-Sultain.

    Bidh trì geamaichean ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain.

    Bidh Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar, Am Bac an aghaidh nan Loch, is United an aghaidh Nis.

  6. Buille do dh'Aths anns Na Hearadhair fhoillseachadh aig 09:12 TSB 1 An t-Sultain

    Rally Park
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha briseadh-dùil ann 'son Aths aig Rally Park

    Chaidh An Rubha air ais gu mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh oidhche Luain às dèidh do dh'Athletic Steòrnabhaigh dà phuing a leigeil às anns Na Hearadh.

    Bha Aths ann an sunnd ro-làimh is iad air a' chùis a dhèanamh 4-2 air An Rubha oidhche Haoine.

    Ach ged nach robh ann ach dà là bho chluich Na Hearadh geama mòr iad fhèin is iad air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh oidhche Shathairne, 's ann a thug iad geama gu math doirbh do dh'Aths aig Rally Park.

    Bha Na Hearadh air thoiseach 1-0 aig leth-ùine is ged a fhuair Nick Hope fear air ais do sgioba Steòrnbhaigh tràth san dàrna leth, cha robh an còrr thadhal ann is an geama a' crìochnachadh 1-1.

    Thug sin cothrom dhan Rubha tilleadh gu mullach na lìge is ghabh iad an cothrom sin le pronnadh 10-1 a thoirt air United ann an Garrabost.

    Thàinig na tadhail aca bho Rob Jones (2), Josh Mac a' Ghobhainn, Steven Dunn, Màrtainn Dòmhnallach, Daniel MacLeòid, Dean Clinton, Aonghas Dòmhnallach, Calum Ailig MacLeòid agus Daniel MacLeòid.

    Tha na Rubhaich is Aths a-nise co-ionnan air 34 puingean ach tha sgioba Steòrnabhaigh air geama a bharrachd a chluich.

    Feumaidh an dà sgioba a-nise cluich an aghaidh nan Loch is a h-uile coltas ann gum faigh iad le chèile trì puingean às na geamaichean sin.

    Dh'fhàgadh sin gum biodh cothrom aig An Rubha an lìog a bhuannachadh ma gheibh iad rudeigin bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh An Taobh Siar.

    Nam biodh An Rubha is Athletic co-ionnan aig deireadh an t-seusain bhiodh feum air geama play-off.

    Cha do thachair sin ach aon turas roimhe - ann an 2019 nuair a rinn An Taobh Siar an gnothach 2-1 air An Rubha.

  7. A' Phrìomh Lìog le Bàideanachair fhoillseachadh aig 09:54 TSB 31 An Lùnastal

    Bàideanach le duais na lìgeTùs an deilbh, Fiona Young

    Tha Prìomh Lìog nam ban air ais ann am Bàideanach is iad air a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile Didòmhnaich.

    Bha Bàideanach air a dhol a-steach dhan gheama is feum aca air puing gus an duais a dhearbhadh.

    Bha fios aig Ceann Loch Seile gum feumadh iadsan a' chùis a dhèanamh airson an tiotal a chur nan làmhan fhèin is dà gheama aca fhathast ri cluich.

    Air a' cheann thall bha Bàideanach ro làidir dhaibh a-rithist is iad a' buannachadh 7-3 is a' Phrìomh Lìog a-nise aca cho math ri Cupa na Prìomh Lìge.

    Tha cothrom aca air Cupa Valerie Fhriseil cuideachd is iad fhèin is Ceann Loch Seile gus coinneachadh a-rithist sa chuairt dheireannaich Disathairne seo tighinn.

    Le Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 5-1, 6-0 is 7-3 anns na trì geamaichean eatorra gu seo am-bliadhna, tha obair mhòr aig Ceann Loch Seile ma tha iad gus an cupa a bhuannachadh.

    Bidh an geama mòr aig an Eilean aig 4:10f agus bidh e beò air BBC ALBA bho 4f.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Iain Robinson air a dhòigh le mar a chluich Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Cheann Loch Seile

    Bha fireannaich Bhàideanach am measg nan tadhal air an deireadh-sheachdain cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air a' chùis a dhèanamh 6-0 air Ceann Loch Seile, fhad 's a bha Ceann Loch Seile a' soirbheachadh 7-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

    Tha a h-uile coltas ann fhathast gun tig an tiotal sìos dhan gheama eadar an dà sgioba air an là mu dheireadh den t-seusan.

    Aig bonn na lìge thog na Sgitheanaich dà phuing luachmhor nuair a rinn iad a' chùis 4-1 air Camanachd an Òbain ann am Port Rìgh.

    Bha là air leth aig Dan Dòmhnallach is trì tadhail aigesan dha na h-eileanaich air a cho-là breith.

    'S e theab is nach do theab a bh' ann dhan t-seann sgioba aig Dan ge-tà is Caol-Gleann air an cumail 3-3 le Cabar Fèidh.

    'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho Jamie Mac an Tòisich a shàbhail puing do Chabers is Caol-Gleann a-nise a' ruith a-mach à geamaichean ma tha iad gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

    Thàinig dearbhadh air an deireadh-sheachdain air an dàrna sgioba a thig bho Lìog Nàiseanta dhan Phrìomh Lìog is Lòbhat air a' chùis a dhèanamh 3-1 air a' Mhanachainn.

    Bidh iadsan mar sin air ais sa Phrìomh Lìog còmhla ri Gleann Urchadain.

  8. Na Hearadh air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 09:27 TSB 31 An Lùnastal

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na Hearadh 3 Am Bac 2. Dealbhan bho Island Footie

    Tha gàirdeachas ga dhèanamh anns na Hearadh is an sgioba air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh.

    Rinn na Hearaich an gnothach 3-2 air A' Bhac ann an Col Uarach oidhche Shathairne.

    Bha iad air a dhol air thoiseach dà thuras, tro Ruairidh MacLeòid agus Anndra 'Brownie' Moireasdan, ach fhreagair Am Bac le tadhail bho Elliot MacEanraig agus Louie Dòmhnallach.

    'S e Ryan MacSuain a fhuair an tadhal a bhuannaich an cupa dha Na Hearadh ge-tà agus luchd-taic òga na sgioba a' ruith air a' phàirce nuair a chuala iad iad fìdeag na rèitire.

    Seusan air leth dha na Hearaich is Cupa Eilean an Fhraoich a-nise aca cho math ri Cupa Leòdhais.

    Chan eil cothrom aca air fois a ghabhail ge-tà, is geama mòr eile aca oidhche Luain a dh'fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air mullach na lìge is Aths a' tadhal orra.

    Bidh sgioba Steòrnabhaigh ann an sunnd às dèidh a' chùis a dhèanamh air An Rubha oidhche Haoine.

    Bidh Na Rubhaich iad fhèin aig an taigh an aghaidh United oidhche Luain.

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd

    Bha Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Haoine gun ball a bhreabadh nuair nach b' urrainn dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn.

    San aon gheama a chaidh air adhart Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an gnothach 5-2 air Slèite is An Srath.

    Bidh aona gheama ann tron t-seachdain is Loch Aillse a' cur fàilte air Caol Àcain oidhche Mhàirt.

    Uibhist is Barraigh

    Bha fìor dheagh là aig Barraigh Disathairne is iad air pronnadh 13-1 a thoirt air Southend.

    Tha sin a' cumail nam Barrach sa bhlàr aig a' mhullach còmhla ri Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.

    Tha geama mòr ri thighinn a-nise oidhche Mhàirt eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.

    Air tìr-mòr Disathairne 's iad Golspie Stafford a bhuannaich Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    Rinn Goillspidh a' chùis 4-0 air Whalsay.

  9. Malaig a' buannachadh Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 11:25 TSB 29 An Lùnastal

    Ball-coise

    Nochd dearbhadh oidhche Haoine gun robh Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh leis nach b' urrainn don Ghearasdan an geam a bha còir a bhith aca nan aghaidh Disathairne a choileanadh.

    Cha robh ach puing a dhìth air Malaig son an tiotal a thogail ach fhuair iad na trì leis nach robh e comasach dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn ri chèile.

    Chaidh cuideachd trì puingean a thoirt air falbh bho sgioba a' Ghearasdain.

    Tha sin a' ciallachadh gu bheil Malaig a-niste air na lìog a bhuannachadh trì tursan a-mach às na ceithir bliadhna mu dheireadh.

    Leis a sin, cha bhith ach aon gheam san lìog Disathairne le Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' dol an aghaidh Shlèite is an t-Srath.

  10. Aths a' gluasad gu mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:14 TSB 29 An Lùnastal

    Aths a' dèanamh a' chùis air An Rubha 4-2Tùs an deilbh, Island Footie

    Ghluais Aths Steòrnabhaigh gu mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air An Rubha 4-2 oidhche Haoine.

    'S iad Ben MacLeòid, Nick Hope (2) agus Harry Bray a fhuair na tadhail do dh'Aths le Aonghas Dòmhnallach a faighinn an dà thadhal dhan a Rubha.

    Tha sin a' gluasad Aths aon phuing air thoiseach air na Rubhaich aig a' mhullach, ged a tha An Rubha air aon gheam nas lugha a chluich.

    Tha sin a' ciallachadh gu bheil an tiotal fhathast ann an làmhan nan Rubhach.

    Ma bhuannaicheas iad na trì geamaichean mu dheireadh aca an aghaidh United, Na Lochan agus an Taobh Siar bidh an lìog aca gu cìnnteach.

    Cluichidh Aths an aghaidh Na Hearadh agus Na Lochan san dà gheam mu dheireadh acasan.

    Cupa Eilean an Fhraoich

    Feasgar Disathairne bidh aire air Col Uarach far an tèid Am Bac an aghaidh Na Hearadh ann an cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich.

    Tha na sgiobaidhean mar-tha air coinneachadh ann an cuairt dheireannach am-bliadhna is Na Hearadh air a' chùis a dhèanamh 1-0 air na Bacaich gus Cupa Leòdhais a bhuannachadh.

    Bidh coltas car diofraichte, ge-tà, air na sgiobaidhean ann an Cupa Eilean an Fhraoich ri linn nan riaghailtean sònraichte aig an fharpais seo.

    Tòisichidh an geama ann an Col Uarach aig 5:00f.

    Lìog Uibhist is Bharraigh

    Bha droinneadh ann do dh'Èirisgeigh ann an Lìog Uibhist is Bharraigh beagan làithean às dèidh dhaibh Cupa Billy McNeill a thogail.

    Chaill iad oidhche Haoine ri Saints an Iochdair 14-0.

    Thèid geamaichean a chluich Disathairne agus Dimàirt cuideachd a bheir buaidh air far an tèid an tiotal air an t-seusan sa.

    Tha cothrom fhathast aig na Barraich, Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath air an lìog a bhuannachadh

    Cluichidh Barraigh an aghaidh Southend Disathairne air thoiseach air geama mòr eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath oidhche Mhàirt.

  11. Bàideanach le sùil air tiotal Prìomh Lìog nam banair fhoillseachadh aig 14:11 TSB 28 An Lùnastal

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn Bàideanach an gnothach 6-0 air Ceann Loch Seile nas tràithe sa mhìos gus Cupa na Prìomh Lìge a bhuannachadh

    Coinnichidh an dà sgioba as fheàrr ann an iomain nam ban am-bliadhna às ùr Didòmhnaich is cothrom aig tè dhiubh air an tiotal a bhuannachadh.

    Nì puing a' chùis do Bhàideanach - ach ma 's e is gun dèan Ceann Loch Seile a' chùis orra bidh an tiotal nan làmhan fhèin is dà gheama eile acasan ri cluich.

    Tha Ceann Loch Seile air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna is iad air an stèidheachadh fhèin mar thè de na sgiobaidhean as làidire a th' ann.

    Ach ged nach eil iad ach air dà gheama a chall fad an t-seusain, 's ann an aghaidh Bhàideanach a bha a dhà dhiubh.

    Rinn Bàideanach a' chùis 5-1 san lìog agus 6-0 nuair a chluich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìge nas tràithe air a' mhìos.

    "S e dùbhlan mòr a th' ann 'son Cheann Loch Seile ach 's dòcha gu bheil cothrom ann dìreach ma bhios Bàideanach ro mhisneachail," thuirt Ceit Bradley air Aithris na Maidne.

    "S dòcha gum bi sin na chunnart ann an dòigh."

    Às bith dè thachras Didòmhnaich, bidh geama fìor mhòr eile eadar na sgiobaidhean an ath-sheachdain a-rithist is iad gus cluich ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil.

    Iomain nam fear

    Tha còig geamaichean sa Phrìomh Lìog ann an iomain nam fear Disathairne le Baile Ùr an t-Slèibh a' cur fàilte air Ceann Loch Seile is Ceann a' Ghiùthsaich a' siubhal gu Taigh na Bruaich gus Caol Bhòid a chluich.

    Dìreach suas an rathad cuiridh Caol-Gleann fàilte air Cabar Fèidh is cruaidh fheum aca air na puingean ma tha iad gus strì a dhèanamh fuireach san lìog.

    San dà gheama eile bidh na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Camanachd an Òbain is bidh An Gearasdan an aghaidh Loch Abair.

    Tillidh Lòbhat dhan Phrìomh Lìog le cinnt ma nì iad a' chùis air a' Mhanachainn, is dh'fhaodadh iad a dhol suas fiù 's mura buannaich iad a rèir 's dè thachras eadar Cill Mhàilidh is Bòd.

    Ann an Lìog Tuath 2 bidh Leòdhas an aghaidh Bhoth Fhleisginn ann an Siabost.

    Bidh cuideachd cuairt dheireannach Chupa Shrath Èireann ann - sin eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh.

  12. Puing a dhìth air Malaig gus an lìog a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 09:02 TSB 26 An Lùnastal

    Ball air pàirc

    Ghabh Malaig ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh nuair a thug iad droinneadh 11-0 air Caol Àcain oidhche Mhàirt.

    'S iad Sam MacCoinnich (2), Anndra Sneddon (2), Lee MacIlleathain (2) is Connor MacFhionghain, Niall MacBheatha, Cameron Muir, Iain Mac a' Phearsain is Ruairidh MacDhòmhnaill a fhuair na tadhail.

    Chan eil a dhìth air Malaig a-nise ach puing airson an lìog a bhuannachadh.

    Bidh cothrom aca sin a dhèanamh nuair a chluicheas iad an aghaidh a' Ghearasdain aig an taigh Disathairne.

    Bha geama mòr ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt cuideachd is Barraigh air a' chùis a dhèanamh 4-2 air Saints an Ìochdair.

    'S iad AJ MacNeacail, Sean MacNèill, Seumas Davidson is Ryan MacNeacail a fhuair tadhail Bharraigh.

    Tha cùisean fhathast gu math teann aig mullach na lìge is Beinn na Faoghla, Uibhist a Tuath is Barraigh fhèin uile fhathast le cothrom air an duais.

  13. An Taobh Siar is An Rubha troimhe an Cupa Jock Steinair fhoillseachadh aig 09:00 TSB 25 An Lùnastal

    Col Uarach
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha briseadh-dùil aig a' Bhac aig Col Uarach is iad air call an aghaidh An Taobh Siar airson a' cheathramh turas air an t-seusan seo

    Bidh An Taobh Siar an aghaidh An Rubha sa chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh oidhche Luain.

    'S iad na Siaraich a chaidh air thoiseach an aghaidh a' Bhac tro Ross Dòmhnallach, ach bha an geama co-ionnan aig letheach slighe le tadhal dha na Gormaich bho Elliot Henderson.

    Ged a chuir Daibhidh MacAnndrais Am Bac air thoiseach san dàrna leth, fhreagair An Taobh Siar le dà thadhal ann an trì mionaidean bho Chailean MacRath 'son an cur troimhe 3-2.

    'B e seo an siathamh turas air an t-seusan seo a bha na sgiobaidhean air coinneachadh is na Siaraich air ceithir dhuibh a bhuannachadh.

    San iar-chuairt dheireannaich eile thug An Rubha pronnadh 10-1 air United.

    Chuir na Rubhaich dà thadhal sa chiad deich mionaidean den gheama is bha iad 7-1 air thoiseach aig letheach slighe.

    'S iad Ethan MacAdam (2), Aonghas Dòmhnallach (2), Daniel Broker (2), Dean Clinton (2) is Rob Jones (2) a fhuair na tadhail dha na Rubhaich.

    Bidh a' chuairt dheireannach Disathairne an 5mh den t-Sultain aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

    Tha aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is cothrom aig Malaig ceum mòr a ghabhail a dh'ionnsaigh an tiotail ma nì iad a' chùis air Caol Àcain aig an taigh.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh thèid Saints an Ìochdair an aghaidh Bharraigh.

  14. Cupa Billy McNeil le Èirisgeighair fhoillseachadh aig 09:25 TSB 24 An Lùnastal

    ÈirisgeighTùs an deilbh, Cluba ball-coise Èirisgeigh

    Tha gàirdeachas ga dhèanamh ann an Èirisgeigh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh 5-4 air Beinn na Faoghla gus Cupa Billy McNeill a bhuannachadh.

    'S e sàr oidhirp a bh' ann bho Èirisgeigh is iad air a bhith 4-1 air dheireadh sa gheama le beagan is 20 mionaid air fhàgail.

    Fhuair Dominic MacAmhlaigh trì tadhail do dh'Èirisgeigh is Dòmhnall MacLachlainn is Calum Caimbeul cuideachd air an targaid.

    Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd ghabh Malaig ceum mòr a dh'ionnsaigh an tiotal a bhuannachadh nuair a rinn iad a' chùis 5-4 air Slèite is an Srath.

    Tha feum aca air ceithir puingean bho na trì geamaichean mu dheireadh aca gus a bhith cinnteach air an duais - is cothrom air trì dhiubh a thogail oidhche Mhàirt nuair a chluicheas iad Caol Àcainn.

    Bha aona gheama eile san lìog Disathairne is Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich air a' chùis a dhèanamh 6-3 air a' Ghearasdan.

    Ann an Leòdhas is Na Hearadh bidh iar-chuairtean deireannach Chupa Jock Stein ann oidhche Luain.

    Bidh Am Bac an aghaidh An Taobh Siar agus United an aghaidh An Rubha.

  15. "Fìor oidhirp sgioba" a bhuannaich Cupa MhicAmhlaigh dhan Òbanair fhoillseachadh aig 09:04 TSB 24 An Lùnastal

    Ross MacMhaolain leis an tadhal a bhuannaich an cupa do Chamanachd an Òbain

    Thuirt manaidsear Camanachd an Òbain gun do sheall an sgioba aige an spiorad a th' aca le a bhith a' buannachadh Cupa MhicAmhlaigh dìreach seachdain às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na Camanachd air buillean-peanais.

    Rinn an t-Òban a' chùis 2-1 air Ceann a' Ghiùthsaich ann an ùine a bharrachd aig Pàirc Mossfield airson Cupa MhicAmhlaigh a thogail 'son a' chiad uair bho 2023.

    Bha iad air a dhol air thoiseach tro Ross Caimbeul is 17 mionaidean air an cluich - oidhirp bho astar ris nach do dhèilig Bob MacGriogair eadar na puist do Cheann a' Ghiùthsaich.

    Chuir MacLeod Dawson òg tadhal le 13 mionaidean air fhàgail gus an geama a thoirt do dh'ùine a bharrachd, ach 's iad sgioba an Òbain a fhuair an ath thadhal cudromach bho Ross MacMhaolain gus an cupa a bhuannachadh.

    "Tha mi cho moiteil às na balaich," thuirt Daniel Camshron, is e ag radh gur e briseadh-dùil mòr a bh' aca an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa na Camanachd.

    "Buille mhòr a bh' ann an t-seachdain seo chaidh is bha iad sgìth - bha e doirbh an togail agus an uairsin ùine a bharrachd a chluich a-rithist an seo.

    "Tha mi cho moiteil àsta uile - 's e fìor oidhirp sgioba a bha seo."

    Tha e a' ciallachadh gu bheil Cupa MhicAmhlaigh aig an Òban a-nise cho math ris a' Chupa Cheilteach a bhuannaich iad san Ògmhios.

    Thuirt an Camshronach aig an àm sin gur e an targaid a bh' aige a' bheàrn gu Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh a dhùnadh - is faodaidh e a ràdh a-nise gu bheil an dà gheama mu dheireadh air sealltainn nach eil beàrn idir ann.

    Lìog

    Sa Phrìomh Lìog Disathairne rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 5-0 air Caol Bhòid agus shoirbhich Cabar Fèidh 3-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh.

    Sa gheama eile chrìochnaich Caol-Gleann is An Gearasdan co-ionnan 1-1 aig Clachan Ghlinn Da-Ruail.

    Ann an Lìog Tuath 2 's e 3-2 a bh' ann dha na Leòdhasaich an aghaidh Loch Carran.

    Bha aona gheama ann am Prìomh Lìog nam ban is Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 1-0 air GMA le tadhal bho Zoe Reid.

    Tha geama fìor mhòr ann a-nise Didòmhnaich seo tighinn eadar Bàideanach is Ceann Loch Seile.

    Tha Bàideanach feumach air puing airson an lìog a bhuannachadh ach bidh an gnothach ann an làmhan Cheann Loch Seile ma nì iadsan a' chùis.

  16. Aths a' dùnadh na beàrn aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 10:54 TSB 20 An Lùnastal

    Ghluais Aths gu bhith dìreach puing air cùlaibh An Rubha aig mullach Lìog Leòdhais agus Na Hearadh às dèidh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac oidhche Chiadain.

    Chaidh Aths air thoiseach taobh a-staigh dìreach deich diogan mus robh Am Bac co-ionann mionaid às dèidh sin.

    Bha Aths air thoiseach a-rithist às dèidh cairteal na h-uaireach ach deich mionaidean goirid ron leth-uair chuir Louie Dòmhnallach Am Bac co-ionann uair eile.

    Fhuair Aths an uair sin breab-peanais le Harry Bray ga chur a-steach bhon spot.

    Ghluais sgioba Steòrnabhaigh nas fhaide air thoiseach san dàrna leth a dh'aindeoin is gun robh iad shìos gu deichnear.

    Fhuair Am Bac an uair sin breab-peanais dhaibh fhèin le Campbell Dòmhnallach gan gluasad nas fhaisge.

    Ach a dh'aindeoin 's gun robh leth uair de thìde air fhàgail sa gheam cha b' urrainn dhaibh lorg fhaighinn air a' chòrr thadhail agus thàinig Aths am bàrr 4-3.

    Tha sin a' fàgail Aths puing air cùlaibh An Rubha aig a' mhullach ged a tha geam a bharrachd aig na Rubhaich ri chluich.

    Thèid an dà sgioba an aghaidh a chèile air an 28mh den Lùnastal.

  17. Beinn na Faoghla is Èirisgeigh troimhe an Cupa Billy McNeillair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 19 An Lùnastal

    Bidh Beinn na Faoghla an aghaidh Èirisgeigh sa chuairt dheireannaich de Chupa Billy McNeill is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh oidhche Mhàirt.

    'S e 6-5 a bh' ann do Bheinn na Faoghla ann an geama iongantach an aghaidh Bharraigh ann am Bàgh a' Chaisteil.

    Bha dràma gu leòr aig Cnoc na Monadh cuideachd far an do rinn Èirisgeigh an gnothach 5-4 air Saints an Ìochdair.

    Bha Èirisgeigh air a bhith 4-1 air thoiseach le leth-uair air fhàgail ach thàinig Saints air ais gus an geama fhàgail co-ionann anns na diogan mu dheireadh.

    Nochd cò eile ach Dominic MacAmhlaigh ge-tà gus an tadhal fhaighinn a chuir Èirisgeigh troimhe.

    Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne seo tighinn aig Pàirc an Eilein Duirche aig meadhan-là.

    Chaidh Slèite is an Srath gu mullach Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis 5-3 air Loch Aillse.

    Chuir Josh Knowles trì do Shlèite is Connaire Yoxon is Teàrlach MacGilleBhràtha cuideachd air an targaid.

    Ged a tha Slèite aig bàrr na lìge, tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich na Malaig, a tha còmhla riutha air 24 puingean.

    Sa gheama eile ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt rinn Caol Àcainn an gnothach 3-2 air Port Rìgh.

  18. Dearbhadh air Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 18 An Lùnastal

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Thàinig dearbhadh gur ann eadar Golspie Stafford is Whalsay a bhios cuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    Bha Whalsay air a' chùis a dhèanamh 3-1 air Black Rock Rovers san iar-chuairt dheireannaich is Goillspidh air a dhol troimhe 3-1 an aghaidh Mhalaig.

    Thog Malaig ceist às dèidh a' gheama sin ge-tà an robh fear de chluicheadairean Ghoillspidh air a chlàradh mar a bha còir.

    Rinn comataidh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd sgrùdadh is tha iad a-nise air dearbhadh gun robh an duine clàraichte.

    Tha sin a' ciallachadh gun tèid a' chuairt dheireannach eadar Golspie Stafford is Whalsay air adhart Disathairne 29mh ann an Inbhir Ùige.

  19. Buille mhòr dhan Bhacair fhoillseachadh aig 09:00 TSB 18 An Lùnastal

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dealbhan bho Island Footie

    Tha a h-uile coltas ann a-nise gur e rèis eadar An Rubha is Aths a th' ann airson tiotal Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhan Bhac call ris An Taobh Siar oidhche Luain.

    'S iad Ross Dòmhnallach is Coinneach Mitchell a fhuair na tadhail dha na Siarach ann an Col Uarach is iad a' soirbheachadh 2-0.

    'S e seo an treas geama lìge ann an sreath a bha na Bacaich air call is tha e air cha mhòr cur às gu dòchas sam bith a bh' aca air an tiotal.

    Bha aona gheama eile ann oidhche Luain is Na Hearadh air buannachadh 5-1 an aghaidh United.

    'S iad Tyler MacGilleÌosa, Ahmed Pandor (2) is Aaron MacLeòid (2) a fhuair na tadhail dha na Hearaich.

  20. Oidhche mhòr air a' Bhacair fhoillseachadh aig 12:23 TSB 17 An Lùnastal

    An tadhal a bhuannaich an geama dhan Rubha an aghaidh a' BhacTùs an deilbh, IslandFootie
    Fo-thiotal an deilbh,

    Rinn An Rubha an gnothach 3-2 air a' Bhac oidhche Haoine le tadhal anns a' mhionaid mu dheireadh

    Tha geama cudromach aig mullach Lìog Lèodhais is na Hearadh oidhche Luain is Am Bac a' cur fàilte air An Taobh Siar.

    Às dèidh dhan Bhac call 3-2 an aghaidh An Rubha oidhche Haoine - geama anns an robh iad 2-0 air thoiseach le beagan mhionaidean air fhàgail - tha cruaidh fheum aca air na trì puingean ma tha iad 'son fuireach san rèis aig a' mhullach còmhla ris An Rubha is Aths.

    Tha aona gheama eile ann an Leòdhas oidhche Luain is United a' cluich an aghaidh Na Hearadh.

    Thig fios oidhche Mhàirt cò bhios sa chuairt dheireannaich de Chupa Billy McNeill is Barraigh a' cluich Beinn na Faoghla is Èirisgeigh a' dol an aghaidh Saints an Ìochdair.

    Tha seo a' tighinn às dèidh dha na Barraich adhartas a dhèanamh ann an cupa eile air an deireadh-sheachdain.

    Rinn iad an gnothach air Athletic Steòrnabhaigh 7-6 air breaban-peanais ann an iar chuairt dheireannach Chupa MalCivils is an geama fhèin air crìochnachadh 3-3.

    Bidh Barraigh an aghaidh A' Bhac sa chuairt dheireannaich.

    Bidh dà gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt cuideachd.

    Cluichidh Caol Àcainn an aghaidh Phort Rìgh is bidh Slèite is an Srath an aghaidh Loch Aillse.

  21. Adhartas do sgiobaidhean Bhàideanachair fhoillseachadh aig 10:39 TSB 17 An Lùnastal

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Am peanas a chuir Baile Ùr an t-Slèibh troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd

    Bha deireadh-seachdain air leth ann do sgiobaidhean Bhàideanach an dà chuid ann an iomain nam fear is nam ban.

    Disathairne chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd far an tèid iad a-rithist an aghaidh nan seann nàimhdean aca Ceann a' Ghiùthsaich.

    Bha feasgar dùbhlanach aig a' Bhaile Ùr ann an Taigh an Uillt is iad 2-0 air dheireadh an aghaidh Camanachd an Òbain le dìreach cairteal na h-uaireach air fhàgail - an dà thadhal aig an Òban air tighinn bho Chonnor Howe.

    Fhuair am Baile Ùr slighe air ais dhan gheama ge-tà le buille-peanais bho Steafan Dòmhnallach, is bha connspaid ann an uairsin nuair a chaidh Gary MacFhearchair aig an Òban a cur dheth is e air Drew Dòmhnallach a bhualadh leis a chaman - ged a bha MacFhearchair a' cumail a-mach gur e tubaist a bh' ann.

    Chuir Mata Sloss tadhal eile dhan Bhaile Ùr le trì mionaidean air fhàgail gus an geama a chur gu ùine a bharrachd.

    Cha robh an còrr thadhal san leth uair a bharrachd, ged a bha cairt dhearg ann do Declan Brannan aig a' Bhaile Ùr.

    Dh'fhàg sin gun deach iad gu buillean-peanais agus 's e Kenny Ros eadar na puist dhan Bhaile Ùr an gaisgeach a bh' ann, a' sàbhaladh trì de dh'oidhirpean an Òbain gus am Baile Ùr a chur troimhe 2-1.

    Bidh iad an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich sa chuairt dheireannaich san Òban air an 19mh den t-Sultain.

    Sa Phrìomh Lìog Disathairne ghabh Ceann a' Ghiùthsaich an cothrom gus a' bheàrn eadar iad fhèin is am Baile Ùr aig a' mhullach a ghearradh gu ceithir puingean nuair a rinn iad an gnothach 4-1 air a' Ghearasdan.

    Tha cùisean nas soilleire aig a' bhonn cuideachd is Loch Abar air dà phuing luachmhor a thogail le tadhal anns na diogan mu dheireadh an aghaidh Caol-Gleann gus buannachadh 2-1.

    Aig an dearbh àm rinn na Sgìtheanaich a' chùis 3-1 air Caol Bhòid - is coltas ann aig an ìre seo gur iad Caol Bhòid is Caol-Gleann a thuiteas sìos dhan Lìog Nàiseanta.

    Eachdraidh do Bhàideanach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Calum MacIllinnein ag aithris air dà chuairt dheireannach ann an iomain nam ban

    Ann an iomain nam ban rinn Bàideanach eachdraidh Didòmhnaich nuair a bhuannaich Cupa na Prìomh Lìge.

    'S e cupa ùr a tha seo is e leasachadh cudromach a th' ann cuideachd do dh'iomain nam ban le dusan cluicheadair air gach taobh seach deichnear.

    Bha mòran an dùil ri geama teann sa chuairt dheireannach eadar Bàideanach is Ceann Loch Seile - sgioba a tha air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna.

    Air a' cheann thall bha Bàideanach cus ro mhath air an là ge-tà is iad a' buannachadh 6-0.

    Thàinig na tadhail aca bho Megan Ralph (2), Kirsty Deans (2), Zoe Reid is Lexi NicFhearchair.

    Là air leth do Bhàideanach is bidh sùil aca a-nise air a' Phrìomh Lìog is Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh cuideachd.

    'S iad Ceann Loch Seile a bhios san rathad orra a-rithist is na sgiobaidhean gus coinneachadh san lìog air an 30mh den Lùnastal agus ann an cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil air a' 5mh den t-Sultain.

    Rinn sgioba eile eachdraidh Didòmhnaich cuideachd.

    Bhuannaich Dùn Ad Cupa ùr nan Sgiobaidhean Singilte is iad air soirbheachadh 5-3 an aghaidh Ghleann Urchadain às dèidh ùine a bharrachd.

    Chuir Eilidh Chamshron ceithir de na tadhail aca is am fear eile a' tighinn bho Grace Drummond.

    'S i Rowan Brockie a chuir na tadhail aig Gleann Urchadain.