Naidheachdan 11:00m

Pròiseactan eileanach

Gheibh 13 pròiseactan ann an eileanan na h-Alba earrann de £3m bho Riaghaltas na h-Alba. Tha am Prìomh Mhinistear, John Swinney, a' tadhal an-diugh air aon de na pròiseactan, ionad dualchais Ghriomasaigh a gheibh £600,000. Tha an t-airgead do phròiseactan a nì feum do thaigheadas, cùram slàinte, còmhdhail agus seirbheisean eile, le amas stad a chur air crìonadh-sluaigh sna h-eileanan.

Càineadh mu mhaoin riaghaltais

Ach tha càineadh ann nach tug Riaghaltas na h-Alba aigead dha na h-eileanan a chaidh a gealltainn aig àm an taghaidh sa Chèitean. Gheall iad £10m do ghnothachasan a chaill airgead le trioblaidean nan seirbheisean aiseig, ach 's e £3m a chaidh ainmeachadh an-dè. Thuirt an riaghaltas gun tèid an £10m a roinn thar ùine na Pàrlamaid seo, ach air Aithris na Maidne an-diugh thuirt cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean siar, Ùisdean Robasdan, nach eil £10m gu leòr, agus gu bheil daoine gu math mì-thoilichte nach tàinig an t-airgead uile aig an aon àm.

Dragh mun tart

Tha Aonadh nan Tuathanach an Alba ag ràdh gu bheil an aimsir thioram a' dèanamh dùbhlain mhòir dhan ghnìomhachas agus gu bheil e a' sìor fhàs doirbh bàrr agus biadh fhàs. Tha cion uisge air mòran de chosta an ear na h-Alba, agus chaidh tart oifigeil a ghairm air feadh na Cuimrigh agus còrr agus an dàrna trìan de Shasainn.

Crith-thalmhainn Cholombia

Tha fios a-niste gun do chaill còrr is 130 duine am beatha sa chrith-thalmhainn mhòr ann an Colombia an-dè. Chaidh ceudan a leòn agus tha mòran eile glacte fo na togalaichean a thuit.

Saorsa thràth

Thuirt am Prìomhaire, Andy Burnham, gun do dh'iarr e air Rùnaire a' Cheartais cabhag a chur ri plana gus nach bi saorsa thràth às a' phrìosan do dhithis a mharbh an t-oifigear-poilis Andrew Harper. Tha dragh ann gum faigh an dithis a-mach às a' phrìosan san Fhaoilleach, letheach tro am binn, fon sgeama airson dèiligeadh ri prìosanan a tha ro làn ann an Sasainn agus anns a' Chumirigh.