Iarrtas gun tig am Prìomh Mhinistear a dh'Uibhist 'son buaidh nan aiseagan fhaicinn

AiseagTùs an deilbh, Steve Houldsworth / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-gnothachais ann an Uibhist a Deas air iarraidh air Prìomh Mhinistear na h-Alba thighinn dhan eilean e fhèin, ach an tuig e a' bhuaidh a tha mì-chinnt nam bàtaichean aiseig a' toirt air a' choimhearsnachd.

Sin am beachd aig Buidheann Buaidhe Gnothachasan Uibhist a Deas (SUBIG), 's iad ag ràdh nach eil daoine deònach siubhal do na h-eileanan leis nach eil cinnt ann am faigh iad ann no às.

Tha a' bhuidheann air sgrìobhadh dhan Phrìomh Mhinistear airson a ràdh gu bheil iad air an "uabhasachadh" uair eile leis an t-seirbheis a tha an t-eilean a' faighinn bho ChalMac.

Tha dàil air obair càraidh air bàtaichean Chal Mac a' ciallachadh gum bi iad nas fhaide na bha dùil le bata ga roinn eadar iad fhèin agus Barraigh.

Chaidh a dhearbhadh sa Ghearran nach till an MV Isle of Lewis chun na seirbheis eadar Barraigh agus an t-Òban chun 23mh den Mhàrt a-nis, seach an 28mh den Ghearran mar a bha dùil, is dàil ann le obair càraidh.

Fuirichidh an MV Isle of Mull air an t-slighe is comas aice dìreach 45 luchd-siubhail a ghabhail air sgàth sàbhailteachd is trioblaid ann le siostam falmhachaidh èiginneach an t-soithich.

Thuirt Raghnall MacCoinnich bhon bhuidhinn: "Bhiodh e math dhan Phrìomh Mhinistear tighinn an seo 'son gnothaichean fhaicinn air a shon fhèin.

"Tha e daonnan doirbh do dhaoine mìneachadh dhan Riaghaltas dè cho dona 's a tha gnothaichean gus am faic iad dhaibh fhèin, gus am bi iad a' suidhe, a' feitheamh air bàt'-aiseig nach eil a' dol a dh'fhalbh no nach eil a' dol a thighinn airson an toirt air falbh."

Tha Mgr MacCoinnich cuideachd an dòchas gun coimhead an riaghaltas air an iarrtas 'son airgead dìoghlaidh do na gnothachasan a tha air teachd a-steach a chall mar thoradh air an droch bhuaidh a thug dìth sheirbheisean orra.

"Tha mi an dòchas gun coimhead iad air, tha iad air faochadh bho reataichean a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar.

"Agus tha sin math, tha sin math do na daoine a tha ga fhaighinn.

"Chan eil e ge-ta a' dèanamh mòran diofar dha na daoine far a bheil a' bhuille a' bualadh nas cruaidhe air na h-eileanan a tha seo", thuirt e.

Tha Còmhdhail Alba ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh na buaidh a tha an dàil agus troimhe-a-cheile a tha seo a' toirt air coimhearsnachdan eileanach.

Tha iad cuideachd ag ràdh gun cosg an riaghaltas £530m am-bliadhna a' leasachadh agus a' cumail lìonra aiseagan na h-Alba aig ìre.