Lorgadh stuth san iomairt airson bàta-iasgaich agus criutha a tha a dhìth

Triùir fhireannach Tùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgach far chosta a tuath Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Chaidh stuth bhon bhàta-iasgaich a chaidh air chall far chosta a tuath Leòdhais an t-seachdain a chaidh a lorg le na buidhnean a tha a' coimhead airson an t-soithich agus an dithis chriutha a tha fhathast a dhìth.

Bha Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, air bòrd an Kilda nuair a chaidh i a dhìth air an 13mh den Dàmhair.

Chaidh corp iasgair eile Douglas Craigie, 49, a thoirt às an uisge tràth sa mhadainn an ath-là le luchd-teasairginn.

Dhearbh na poilis Diardaoin gun deach nithean a bhuineadh dhan bhàta fhaighinn anns an sgìre as motha air a bheil an iomairt ag amas sna h-uisgeachan faisg air Port Nis.

Tha dàibhearan Poileas Alba agus buidhnean eile air a bhith an sàs san rannsachadh.

Thuirt an t-Inspeactair Niall Mac an Tàilleir, comanndair Poileas Alba sna h-Eileanan an Iar, gur e "iomairt thoinnte" a bh' ann agus dh'iarr e gum faigheadh oifigearan ùine agus cothrom an sgrùdadh a dhèanamh.

"Tha sinn fhathast ag obair còmhla ri buidhnean eile agus tha sinn a' dèanamh na 's urrainn dhuinn ceistean a fhreagairt," thuirt e.

Ged a tha an casg air dàibhearan agus soithichean san sgìre chomharraichte a-nis air a thogail, tha na poilis fhathast a' toirt rabhadh don phoball.

"Na bithibh a' feuchainn ris an rannsachadh agaibh fhèin a dhèanamh ann an àitichean a dh'fhaodadh ur cur ann an cunnart," thuirt an t-Inspeactair Mac an Tàilleir.