Cead do raon-ghoilf a' Chùil

A' ChùilTùs an deilbh, RAMALAIREAN NA H-ALBA
  • Air fhoillseachadh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad airson raon-goilf connspaideach a leasachadh faisg air Eurabol ann an Cataibh.

Bha oifigich na Comhairle air moladh do bhuill cead a dhiùltadh ge-tà, agus ri linn sin bidh am facal mu dheireadh a-niste aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha strì air a bhith a' dol o chionn ùine a thaobh a' phlana.

Bha feadhainn a' cur na aghaidh 's iad ag iarraidh dìon a chur air dùintean-gainmhich air an làraich, a tha an cois a' chladaich.

Ach tha iomairt air a shon ag ràdh gun cruthaicheadh am pròiseact suas ri 400 cosnadh fhad 's a tha e ga thogail, le mu 100 an dèidh sin, agus gun cuireadh e £11m ri eaconomaidh na sgìre.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil comhairlichean air bhòtadh airson an tagraidh againn an dèidh dhaibh beachdachadh gu cùramach air an fhiosrachadh gu lèir a chuireadh mun coinneimh," thuirt Stiùiriche Coimhearsnachdan airson na Cùile, Gòrdan Sutharlannach.

"Tha na planaichean againne, a th' air taic fhaighinn bho mhuinntir na sgìre bho thoiseach, a' tabhann cothrom dha-rìribh air cosnaidhean ùra a chruthachadh ann an sgìre far a bheil an sluagh a th' aig aois obrach a' tuiteam, le sin a' cur seasmhachd na coimhearsnachd ann an cunnart.

"Tha iad cuideachd a' gealltainn àrainneachd shònraichte a' chladaich a ghlèidheadh, a tha an-dràsta fo dhearmad 's ann an cunnart.

"Tha deamocrasaidh ionadail air a bhith aig cridhe co-dhùnadh an là an-diugh, agus tha sinn an earbsa gur ann mar sin a bhios e nuair a thig a' chùis ro Mhinistearan na h-Alba," thuirt e.