Dragh gun caill iasgairean eileanach suas ri £1m fo chasg MPA

Cidhe Bheàrnaraigh. Cala le bàtaichean-iasgaich beaga ris a' chidhe. Tha daoine air a' chidhe agus grunn chàraichean.
LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gum faigh iad beachdan iasgairean mu mholaidhean sgìrean dìon mara faisg air a' chladach a stèidheachadh.

Tha dùil gun tòisich co-chomhairle a dh'aithghearr mu bhith a' comharrachadh sgìrean MPA far am faodadh casg buileach a bhith air iasgach, cho math ri sgìrean PMF far am bi riaghailtean iasgaich nas teinne.

Bha dùil gun tachradh seo ron taghadh Albannach ach chaidh dàil air gus am biodh a' Phàrlamaid ùr ann agus an ùine a' ruith air a' phròiseas.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum feum iad sgìrean glèidhte a chruthachadh airson reachdas a choileanadh.

Tha dragh ge-tà, mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air iasgairean ma thèid grunndan-iasgaich traidiseanta a dhùnadh.

Thuirt Dòmhnall MacIllEathain, bhon chompanaidh mhaorach Barratlantic: "Tha iad a' bruidhinn air sgìre gun chiall a dhùnadh agus tha sinn a' ciallachadh gum bi sinn sìos co-dhiù mu £1m, eadar sinn fhèin agus na h-iasgairean."

Tha Ministear an Àiteachais, na Mara is nan Eilean, Jim Fairlie, a' dol às àicheadh gun deach co-dhùnadh a dhèanamh cheana.

Thuirt e: "Cha tèid aontachadh ri càil gus am bi co-dhùnadh ann. Mar sin, feumaidh iad freagairtean a thoirt seachad.

"Thigibh thugainn le fuasglaidhean, airson ar cuideachadh dìon a chur air an roinn aca agus dìon àrainneachd a chur an gnìomh aig a' cheart àm."

Fear leth-sheann le cota geal agus ad gheal air.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dòmhnall MacIllEathain ag ràdh gum faodadh e fhèin agus iasgairean ionadail suas ri £1m a chall ma thèid na planaichean air adhart

Tha trì bliadhna bhon a chuir Riaghaltas na h-Alba poileasaidh nan sgìrean dìon chun an dàrna taoibh.

Tha ministearan a-nis a' coimhead às ùr air riaghailtean ùra a chur an sàs sna h-uisgeachan as fhaisge air a' chladach.

Tha mu 160 làrach air a bheil iad a' beachdachadh, a' mhòr-chuid dhiubh far chosta taobh siar na h-Alba.

Tha dragh mun bhuaidh a bheireadh atharrachaidhean sam bith air iasgairean Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh agus an gnìomhachas san fharsaingeachd.

Thuirt Dòmhnall MacIllEathain, bho Bharratlantic: "Tha eathraichean againn air a bhith ag obair airson 30 bliadhna agus chan eil atharrachadh sam bith ann agus chan eil mi a' faicinn carson a tha iad a' dol ga dhùnadh a-nis."

Jim Fairlie BPA, fireannach maol, le speuclairean air
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Jim Fairlie ag ràdh gun èist iad ri beachdan iasgairean agus nach deach aonta a ruighinn fhathast

Nochd Comhairle nan Eilean Siar dragh gur ann a-mhàin airson targaidean reachdail a choileanadh a tha na molaidhean seo gun smaoineachadh air a' bhuaidh eaconamaich a dh'fhaodadh a bhith nan cois.

Thuirt Mgr Fairlie gur e an t-amas aca cothromachadh a dhèanamh eadar feumalachdan nan iasgairean agus obair ghlèidhteachais.

Thug am ministear barrantas dha na h-iasgairean nach deach aonta a ruighinn agus gu bheil na freagairtean aca cudromach.

Thuirt e: "Tha e gu math soilleir dhomh an droch bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an cois dhùnaidhean sam bith, ach tha e cuideachd soilleir dhomh gum feum sinn coileanadh na dh'fheumas sinn a dhèanamh airson cumail ris an reachdas a th' ann."

Leanaidh a' cho-chomhairle 16 seachdainean nuair a thòisicheas i.