Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh le bobhladh

Bobhladh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis
  • Air fhoillseachadh

Tha Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh ann an Glaschu le na farpaisean bobhlaidh.

Tha e a' ciallachadh gun do thòisich farpaisean tron là Diardaoin mus tèid na geamaichean fhosgladh gu h-oifigeil aig a' chuirm aig an Hydro an oidhche sin.

Chaidh seisean a bharrachd den bhobhladh a chur dhan chlàr an t-seachdain a chaidh leis gun robh barrachd fharpaiseach air cur a-steach air a shon na bha dùil.

Thabhainn Glaschu na geamaichean a chumail, às dèidh do stàit Bhictoria ann an Astràilia tarraing a-mach, is iad a' coireachdadh chosgaisean àrda.

Bha na geamaichean air an cumail roimhe an Glaschu ann an 2014, ged a tha nas lugha spòrsan na lùib am-bliadhna.

Bidh farpaisean a' dol ann an 10 spòrsan ann an ceithir àitichean.

Tòisichidh làn-chlàr nan geamaichean Dihaoine, le dùil gun tèid na ciad bhuinn a thoirt seachad sam para togail-chuideim.

Bha farpais shingilte nam fear agus farpais nan càraid do na boireannaich am measg nan ciad gheamaichean sa bhobhladh Diardaoin.

Thuirt Brett O'Riley, Ceann-suidhe World Bowls, gun robh e na urram mòr gur e bobhladh a' chiad spòrs a bha ri fhaicinn aig na geamaichean.

Aig a' chuirm-fhosglaidh aig an OVO Hydro bidh luchd-ciùil leithid KT Tunstall, Nathan Evans, Calum Beattie agus Nina Nesbitt am measg na bhios mar phàirt dhith.

Tha mu 3,000 luth-chleasaiche bho 74 dùthaich a' gabhail pàirt sna geamaichean, le 215 buinn òir rim buannachadh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte