Naidheachdan 11:00m

Andy Burnham

Tha Andy Burnham ann an Alba an-diugh airson a' chiad uair mar Phrìomhaire. Bidh e aig fosgladh Geamaichean a Cho-Fhlaitheis agus coinnichidh e ris a' Phrìomh Mhinistear, John Swinney, agus ri Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Rhun ap Iorwerth. Thuirt Mgr Burnham gu bheil aire air rudan pragtaigeach airson beatha dhaoine a dhèanamh nas fheàrr seach air ceistean mu bhunreachd. Thuirt e ron seo gu bheil e an aghaidh an dàrna referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba.

Alan Greer

Thug Roinn Naidheachdan a' BhBC an Alba am follais gur e fear a rinn èigneachadh le fòirneart agus a dh'fheuch ri dithis bhoireannach a mhurt a bh' ann an oifigear poilis a chuir làmh na bheatha fhèin bho chionn dà mhìos. Tha eucoir Alan Greer a' dol air ais còrr 's 14 bliadhna nuair a bha e na chonastabal ann an Glaschu agus tha dragh ann gun tug e ionnsaigh air boireannaich eile a bharrachd air an naoinear a thàinig am follais ann an rannsachadh Poileas Alba. Bha e fo rannasachadh aig àm a' bhàis sa Chèitean.

Tubaist mhara

Chaill nighean òg, agus boireannach na 40an, am beatha sa mhuir far cladaich Essex agus tha duine eile ìosal san ospadal. Tha e coltach gum buineadh an triùir sin dha chèile. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan tachartas air tràigh West Mersea faisg air Colchester feasgar an-dè.

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Tha Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis a' fosgladh gu h-oifigeil ann an Glaschu an-diugh, 12 bliadhna bho bha iad sa bhaile mu dheireadh. Bidh mu 3,000 farpaiseach à còrr is 70 dùthaich, ged a tha nas lugha dhiofar spòrsan ann an turas seo. Rinn Glaschu cobhair air na Geamaichean an dèidh do Stàit Bhictoria ann an Astràilia tarraing a-mach.

Taic-airgid buaidh nan aiseagan

Tha gearan ann an Ìle nach eil sgeul air taic-airgid a gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba dhaibh mu choinneimh trioblaid nan seirbheisean aiseig. Thuirt John Swinney, aig àm an taghaidh sa Chèitean, gun cuireadh e £10m an dàrna taobh ach dà mhìos an dèidh sin tha luchd-gnothaich ann an Ìle ag ràdh nach fhaca iad dad den airgead fhathast. Tha ceannard aon chompanaidh bathair ag ràdh gu bheil an gnothachas aige an cunnart a dhol fodha leis cho dona 's a tha na seirbheisean aiseig.