Geamaichean Gàidhealach an Eilein Sgitheanaich air ais
Chaidh Geamaichean Gàidhealach an Eilein Sgitheanaich a chumail an diugh son a chiad turas ann an trì bliadhna.
Bha Meall na h-Acarsaid am Port Rìgh air ghoil le daoine bho gach ceàrnaidh dhen t-saoghail -chun na h-ìre agus gun robh aca ri na geataichean a dhùnadh aig aon àm le bh'anns an àite.
Bha am fear-naidheachd Alasdair MacLeòid aig na geamannan dhuinne.