Urras a' faighinn gabhaltais air Talla-baile Inbhir Ghòrdain air £1

Togalach poblach bhon 19mh Linn air Àrd-shràid Inbhir Ghòrdain. Chaidh dealbh de dh'aghaidh an togalaich a thogail bho thaobh thall an rathaid. Tha a' ghrian a' dèarrsadh air, agus tha an speur gorm. Tùs an deilbh, VALENTA/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha "ath-leasachadh mòr" a dhìth air Talla-baile Inbhir Ghòrdain

  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach Diluain togalach eachdraidheil am meadhan Inbhir Ghòrdain a thoirt seachad do dh'urras ionadail air gabhaltas 99 bliadhna airson ùrachadh.

Gheibh an t-urras an togalach, a tha an-dràsta fo shealbh Stòras Maith Choitchinn Inbhir Ghòrdain 's a tha feumach air "ath-leasachadh mòr", air £1.

Chaidh Talla-baile Inbhir Ghòrdain a thogail ann an 1871 do chomhairle a' bhaile aig an àm.

Bhon uair sin, tha e air a dhol na thaigh-dhealbh, na thalla bingo agus na ionad-ealain.

Ge-tà, chan eil an togalach air a bhith ga chleachdadh mar a bha uair.

'S e a th' anns an amharc aig an urras an talla a chleachdadh mar hub coimhearsnachd agus na h-uairean fosglaidh a leudachadh.

Tha iad airson tachartasan agus cur-seachadan a bharrachd a bhith ann, agus tha iad a' faicinn chothroman gnothachais an cois nam bàtaichean-turais a thig dhan phort as t-samhradh.

Tha iad an dòchas maoineachadh fhaighinn airson an togalach Liosta B ùrachadh agus tha dùil gun cosgadh an obair sin timcheall air £2m.