Episode details

Radio nan Gàidheal,07 Sep 2026,57 mins
Sùil air na colbhan le Iain Stephen Moireasdan agus Magaidh Choineagan
Naoi gu DeichAvailable for 29 days
Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Iain Stephen Moireasdan agus Magaidh Choineagan a tha a' dèanamh sin an-diugh. Dè ghlac an aire agus dè am beachd fhèin air cùisean? Tha dealbh-chluich dhen nobhail ainmeil 1984 le George Orwell ri ùr-fhaicinn an Alba an-dràsta. Chaidh Dàibhidh Walker ga fhaicinn aig teàtar Citizen's Ghlaschu ach dè shaoil e dheth? Agus cluinnidh sinn cuideachd cuid dha na chlàr Coinneach Mac a' Ghobhainn aig Rannsachadh na Gàidhlig as t-samhradh. An-diugh tha e a' bruidhinn ri Rebecca Madlener bho Shabhal Mòr Ostaig mun rannsachadh aicese air ainmean àite Sgitheanach, agus ri Àdhamh O Bròin mu obair is feum fhaclaireachd - sin cruinneachadh fhacail - san 21mh linn.
Programme Website