Bàideanach an aghaidh Loch Abair an Cupa Valerie Fhriseil

- Air fhoillseachadh
Coinnichidh an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil an-uiridh san iar-chuairt dheireannaich am-bliadhna.
Rinn Bàideanach an gnothach 2-0 air Loch Abar sa gheama mhòr an-uiridh gus an cupa a thogail.
Ged a tha Bàideanach air a bhith a' dol nas fheàrr air an t-seusan seo, rinn na h-Abraich a' chùis orra 3-0 an t-seachdain sa chaidh.
San iar-chuairt dheireannaich eile bidh GMA an aghaidh Cheann Loch Seile no Camanachd an Eilein Sgitheanaich.
Chaidh an geama eadar nàbaidhean a' Chosta an Iar a chur dheth aig an deireadh-sheachdain.
Tha an taghadh agus dà thaghadh eile a rinneadh Diluain mar a leanas:
Cupa Valerie Fhriseil - geamaichean air an 26mh den Iuchar
Bàideanach - Loch Abar
GMA - Ceann Loch Seile/An t-Eilean Sgitheanach
An Cupa Dùbhlan - geamaichean air an 26mh den Iuchar
Srath Ghlais - Dùn Ad
GMA - Obar Dhobhair
Cupa nan Sgiobaidhean Singilte - geamaichean air a' 5mh den Iuchar
Dùn Ad - Srath Spè/Tatha is For
Lòbhat - Gleann Urachadain