Tadhail a' frasadh a-steach an Cupa Eilean an Fhraoich

- Air fhoillseachadh
Chaidh na Hearadh, an Taobh Siar agus an Rubha air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich agus tadhail gu leòr anns na geamaichean oidhche Luain.
Bha na Hearaich ann an suidheachadh gu math doirbh às dèidh dhaibh call 4-1 ri sgioba nan Loch sa chiad gheama bho chionn cola-deug.
Abair gun do thionndaich iad cùisean mun cuairt ann an stoidhle air an Tairbeart ge-tà - is iad a' pronnadh nan nàbaidhean Leòdhasach aca 7-1.
'S iad Seumas MacEanraig (2), Yahya Mohammed (2), Morgan MacLeòid (2) is Anndra Moireasdan le breab-peanais a bha air an targaid dha na Hearaich is iad troimhe 8-5 thairis air an dà gheama.
Bha geama iongantach ann eadar an Taobh Siar is Càrlabhagh bho chionn cola-deug is na Siaraich air thoiseach 5-1 faisg air an deireadh, mus d' fhuair Càrlabhagh trì tadhail air ais gus dòchas a thoirt dhaibh fhèin 'son an dàrna geama.
Chaidh an dòchas sin a dhubhadh às ann am Barbhas oidhche Luain.
Chuir Luke MacAoidh an Taobh Siar 1-0 suas sa chiad leth agus san dàrna leth thàinig barrachd thadhal bho Scott 'Tiger' MacArtair (3), Ali 'Barbhas' MacLeòid, is AJ Moireasdan.
6-0 dha na Siaraich air a' cheann thall agus 11-4 thairis air an dà gheama.
Bha Nis 1-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan gheama ann an Garrabost ach bha na Deargaich ro mhath dhaibh - tadhail bho Josh Mac a' Ghobhainn, Darren Wilson, Aonghas Dòmhnallach agus Ethan MacAdam gun cur troimhe 4-1 thairis air an dà gheama.
Bha am Bac mar-tha air a dhol dìreach dhan iar-chuairt dheireannaich.
Tha iar-chuairt dheireannach mar a leanas:
Na Hearadh - An Rubha
An Taobh Siar - Am Bac
Bidh na geamaichean ann air an 13mh is an 20mh den Iuchar.