Gnothachasan nan Eilean Siar a' fulang ri linn staing nan aiseagan

Tha boireannach na seasamh air cidhe. Tha geansaidh uaine agus sgarfa dubh agus geal oirre. Chan eil i a' coimhead toilichte. Tha soitheach ris a' chidhe, air a cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Sarah NicGilleEathain, Àrd-oifigear, Buidhean Turasachd Innse Gall

LeAilig John Moireasdan
Ag aithris àSteòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Fhuair sgrùdadh ùr bho Bhuidhean Turasachd Innse Gall gun tug staing nan aiseagan as t-earrach buaidh air cha mhòr a h-uile neach agus buidheann a tha nam buill aca.

Thuirt 96% de chòrr is 200 gnothachas a rinn suirbhidh na buidhne, gun do dh'fhulaing iad droch bhuaidh.

Aig aon àm as t-earrach, bha an treas cuid de chabhlachd ChalMac a-mach à seirbheis.

Chaidh mòran sheòlaidhean anns na h-eileanan a chur dheth, no bhathas a' giùlan nas lugha de charbadan.

Tha piseach air a thighinn air cùisean bhon uair sin ach tha Buidhean Turasachd Innse Gall air a bhith a' sgrùdadh an t-suidheachaidh.

Aiseag an MV Hebrides ris a' chidhe. Tha ròpan ga ceangal agus tha duine ann an clogaid agus seacaid bhuidhe na sheasamh ga coimhead.
Fo-thiotal an deilbh,

An MV Hebrides, a bha am measg nan aiseagan a bha a-mach à seirbheis as t-earrach

A rèir àrd-oifigear na buidhne, Sarah NicGilleathain, tha na toraidhean cumhachdail.

"Gu math gruamach chanainn, a thaobh teachd a-steach agus bucaidhean gan call," thuirt i.

"Tha uallach air daoine cuideachd nach till luchd-tadhail a-rithist leis gun deach cùisean troimh-chèile orra an turas seo."

"Tha e a' toirt deilbh gu math dubhach dhuinn a thaobh call airgid agus draghan mu bhuaidh mhaireannach air a' ghnìomhachas."

San rannsachadh, thuirt 50% de ghnothachasan gun robh co-dhiù an dara leth de na bha gu bhith a' fuireach aca sa Ghiblean air innse nach b' urrainn dhaibh tighinn.

Aig an àm sin, bha an staing a' toirt buaidh mhòr air daoine a' tighinn dha na h-eileanan.

Air a' mhìos sin anns na Hearadh, dh' fhosgail Talla na Mara airson còig là.

Tha Anna NicRath a' ruith an ionaid. Bha làn dhùil aca gum biodh na làraichean-campachaidh aca trang.

"Bha tòrr air bucadh airson na mìos sin," thuirt i.

Tha boireannach na suidhe aig bòrd air taobh a-muigh togalach fiodha. Tha lèine ghorm le spotan geal oirre. Tha e gaothach.
Fo-thiotal an deilbh,

Anna NicRath, a tha a' ruith Talla na Mara

"Ach nuair a chaidh na h-aiseagan dheth, chuir tòrr dheth na tursan aca. Chuir sinne seachad madainn Diluain a' dèiligeadh ri puist-d agus daoine a' fònadh a-steach airson an turas aca a chur dheth."

Thug seo buaidh air a' chafaidh aca, a bhios tòrr luchd-turais a' cleachdadh.

Tha Anna den bheachd gun tug iad a-steach dhà no trì mhìltean nas lugha am-bliadhna, an coimeas ris an aon àm an-uiridh.

"Thug e buaidh mhòr oirnn," thuirt i. "Gu h-àraid aig àm na Càisge, nuair a bha dùil againn a bhith trang."

"Tha sinn a' faighinn luchd-obrach ùr airson an t-seusain agus feumaidh tu clàr-ama a dhèanamh air an son."

"Feumaidh tu am pàigheadh gus am bi iad deiseil airson obair. Agus nuair nach eil thu a' faighinn an teachd a-steach ris an robh dùil agad, tha sin doirbh."

Tha taigh aig Paul Honeywell anns an Hearadh, a tha e air a bhith a' cur a-mach air màl bho 2015. Tha na h-aiseagan nan adhbhar uallaich dha.

"Tha sinn an urra ri daoine a bhith a' tighinn agus a' fuireach san taigh."

"Tha e reusanta a bhith a' sùileachadh seirbheis aiseig anns an urrainn dhut earbsa a chur agus tha mi a' faireachdainn gum bu chòir dha sin a bhith air a lìbhrigeadh."

Chaidh beachdan fhàgail san t-suirbhidh cuideachd, le gnìomhachasan ag ràdh gun tuirt tòrr riutha nach tilleadh iad mar luchd-tadhail.

Maoin do ghnìomhachasan

Tha gnìomhachasan eile ag ràdh gum bi aca ri dùnadh agus chan eil cuid airson cumail orra ma mhaireas an suidheachadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do dh'ainmich am Prìomh Mhinistear maoin fiach £10m do ghìomhachasan a dh'fhulaing ri linn staing nan aiseagan.

Thuirt iad cuideachd gun tadhal Rùnaire na Còmhdhail air na h-Eileanan Siar nas fhaide den t-seachdain airson cluinntinn bho choimhearsnachdan.

Thuirt tè-labhairt do ChalMac gun robh tròimh-chèile air an lìonra ris nach robh dùil na bu tràithe am-bliadhna.

Thuirt i cuideachd gu bheil seirbheisean air tilleadh chun na h-àbhaist ach gu bheil an MV Glen Sannox a' dèanamh dheuchainnean an t-seachdain seo agus ri faotainn ma bhios feum air tuilleadh taice.

A bharrachd air a sin, bidh taic a barrachd ann chun na Dàmhair, ma bhios feum air, leis gu bheil CalMac air an MV Alfred a chumail.