Barrachd air busaichean na Gàidhealtachd ri linn faraidhean £2

Tha a' bhus nan stad aig stèisean bhusaichean Inbhir Nis le daoine a' feitheamh airson a dhol air bòrd. Chìthear an leabhar-lann air an cùlaibh. Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Stèisean bhusaichean Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Tha an àireamh de dhaoine a tha a' pàigheadh airson siubhal air busaichean Comhairle na Gàidhealtachd air èirigh bho chaidh faraidhean singilte a chuingealachadh aig £2.

Chaidh an sgeama a chur an sàs sa Ghiblean agus sa chiad mhìos, chunnacas àrdachadh de 25% anns an àireimh de dhaoine a bha a' pàigheadh airson busaichean a chleachdadh san sgìre an coimeas ris an-uiridh.

Air a' mhìos a chaidh, chaidh àrdachadh de 36% a chlàradh.

Tha sgeama nam faraidhean cuibhrichte cuideachd an sàs anns na h-Eileanan an Iar, ann an Earra-Ghàidheal agus ann am Moireibh.

Bidh e a' ruith airson bliadhna, ag amas air siubhal air busaichean a dhèanamh nas fhasa agus nas reusanta agus air barrachd dhaoine fhaighinn air còmhdhail phoblaich.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an sgeama ga dhèanamh nas fhasa agus nas saoire do dhaoine còmhdhail phoblach a chleachdadh agus gu bheil seo gu h-àraid fìor do theaghlaichean thairis air mìosan an t-samhraidh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' cumail orra le taic-airgid gus còmhdhail phoblach a leasachadh airson an ama ri teachd.

Tha Iain Swinney na sheasamh a' bruidhinn ri dithis fhireannach a th' air gabh taobh dheth. Tha esan ann an deise agus tha an dithis eile ann an deisichean h-vis orains. Tha bus dorch gorm air an cùlaibh. Tha iad a' gaireachdainn.
Fo-thiotal an deilbh,

Am Prìomh Mhinistear a' tadhal air stèisean bhusaichean Inbhir Nis nuair a chaidh an sgeama a chur an sàs

Tha carbadan a bharrachd air a bhith air an cur air na rathaidean gus seirbheisean a neartachadh agus tha leasachaidhean eile san amharc.

Nam measg, tha busaichean dealain a bharrachd le siostaman fiosrachaidh leasaichte air bòrd.

Tha duine sam bith a tha a' siubhal air busaichean anns na sgìrean seo airidh air faradh singilte a th' air a chuibhreachadh aig £2.

Tha e fhathast comasach do dhaoine a tha fo 22 no nas sine na 60, agus a tha a' fuireach ann an Alba, siubhal orra saor an asgaidh.