Sgiobaidhean Bhàideanach ann an suidheachadh làidir
Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach aig mullach Prìomh Lìog nam fear às dèidh dhaibh soirbheachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha e teann dhan Bhaile Ùr is iad a' buannachadh 2-1 sa Ghearasdan.
Aig an dearbh àm bha Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt pronnadh 7-0 air Camanachd an Òbain - na tadhail uile sa chiad leth.
Bidh sùil a-nise air a' gheama mhòr eadar nàimhdean Bhàideanach ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais Disathairne seo tighinn.
Thàinig an naidheachd mhòr eile air an deireadh-sheachdain ann an Còmhghall far an do bhuannaich Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad uair.
'S e 4-2 a bh' ann dhaibh an aghaidh Loch Abair is dòchas às ùr aig sgioba Ghleann Da-Ruail gun urrainn dhaibh fuireach an àirde am-bliadhna.
San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn tadhal anns na diogan mu dheireadh an gnothach do Cheann Loch Seile an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh 2-1, agus 's e an dearbh rud is an dearbh sgòr a bh' ann do Chabar Fèidh ann an Taigh na Bruaich an aghaidh Chaoil Bhòid.
Ann an iomain nam ban chaidh an geama mòr ann an Cupa Valerie Fhriseil eadar Ceann Loch Seile is An t-Eilean Sgitheanach a chur dheth air sgàth na sìde.
Chaidh Bàideanach air adhart 12-0 an aghaidh Inbhir Nis ge-tà is 's e 5-0 a bh' ann do GMA an aghaidh Ghleann Urchadain.
Bha Loch Abar mar-tha air a dhol troimhe dìreach gun geama a chluich.